Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean
Bha an turas bàta gu math inntinneach. Cha robh an aiseag àbhaisteach Eilean Leòdhais a’ ruith agus ‘s e bàta nas lugha is nas slaodaiche, Eilean Arainn, a bh’ air an t-slighe na àite.
A rèir coltais, chaidh am bàta a chur air bhog le muinntir Take the High Road. Dè cho tacky sa tha sin!
Bha e soilleir gum bi Eilean Arainn a’ dol air diofar slighean oir bha sanasan ann mar “thig gu Taigh-òsta X ann an Ceann Loch Chille Chiarain” ri taobh “Taigh-òsta Y, Ìle”, làimh ri “self-catering Z, Arainn”.
Agus a rèir coltais, tha an Jura Liberation Front ag adhbharachadh dhuilgheadasan do ChalMac a-rithist: faic am postair seo.
Abair…
Amharc ar an alt bunaidh 551 d’fhocla eile